20/11/2007

A' call ... a-rithist!

An d'fhuair sibh seachad air a' bhriseadh-dùil mhòr aig an deireadh-sheachdain? Cha mhòr nach robh sgioba ball-coise na h-Alba a' ceannaich thiocaidean pleana is a' dèanamh air an Ostair is an Eilbheis an ath bhliadhna airson Co-Fharpais nan Dùthchannan Eòrpaich nuair a chuir na h-Eadailtich às dhan dòchas againn......

Ach nach math a rinn na balaich ann a bhith cho faisg air a' chùis a dhèanamh air buidheann a bha gabhail a-steach an Eadailt (a bhuannaich Cupa na Cruinne an-uiridh); an Fhraing agus Ùgrain?

No an robh thu feargach nach do bhuannaich iad, is gum bi sinn a' coimhead co-fharpais mhòr eile air an TBh às aonais na h-Alba? Dè ur beachd ..?

No comments: