23/10/2007

Ceòl agus B-boys!

Haidh a h-uile duine!

Tha greis ann bhon a bhruidhinn mi ribh reithid. Tha sinn air a bhith gu math trang a cuir bhideoan suas air an sianal ùr youtube againn (www.youtube.com/sgleog) agus tha da sheachdainn eile do cheòl a tighinn bho Na Lemmings ach an uairsin...

Bithidh sinn a cuir bhideoan goirid a chlàr sinn aig a mhoìd air loidhne agus bithidh sinn aig Diamond Circle ann an Dun Eidinn aig toiseach an t-Sultain a clàradh na breakdancers as fhearr bho air feadh an dùthaich! Cuideachd, cùm sùil a mach airson leasannan ann am Breakdancing a bhitheas againn air-loidhne roimhn a Nollaig!

'S e seachdainn mòr a th'ann airson ceòl ann an Glaschu an dràsd cuideachd! Aig toiseach an seachdainn chluich Idlewild anns na Barrowlands, agus tha mise dol a choimhead air The Cold War Kids Diardaoin agus tha Murchadh dol a dh'faìcinn Arcade Fire 's mar sin bithidh leirbheisean againn airson na Gigs tha sin aig toiseach an ath sheachdainn!

Tha sinn daonan a coimhead airson daoine ùr a tha airson sgrìobhadh air ar shon air na cuspairean a tha sonraichte riutha fheìn. Ma tha sibh a choimhead comhlan air a tha thu eolach, neo ma tha uidh agaibh ann an cuspair sonraichte sam bith tha sinn airson cluinntinn bhuaibh!

Mar sin leibh an dràsta,


Deasiache Sgleog

No comments: