14/09/07

An Fhraing 0 - 1 Alba !

Chan eil mise a creidsinn gun do thachair seo!

Tha cluicheadair mar McFadden air a bhith a dhìth oirnn fad bliadhnaichean .. cuideigin a tha deònach rudeigin iongantach a dh'fheuchainn, rudeigin a-mach às an àbhaist. Ro thric, tha daoine dìreach a' lorg rudeigin sàbhailte, is chan eil misneach aca leis a' bhall.

Tha cluicheadairean nas fhearr aig an Fhraing agus co chreideadh gum faigheadh Alba na sia puingean gu lèir bhuapa? Tha feum agam aidicheadh nach robh mise a smaointinn airson mionaid gu robh Alba dol a dh'fhaighinn sìan as agus chan an trìc a tha mi cho toilichte a bhith cearr!

Eadar Fletcher, Ferguson, Brown agus Hartley, tha a midfield againn math 's laidir agus bha McManus, Weir agus Hutton math aig a chùl cuideachdach ach a h-uile turas a chaidh Alexander faisg air am ball bha cùisean a dol cearr. As deidh cho math sa chluich Maceveley an aghaidh Lihuania chuir e ionnadh orm gun do thagh e Alexander na h-àite.

Bha cuìsean a coimhead gu math cugallach nuair a chaill sinn Fletcher ach thainig Stephen Pearson air na h-aite agus be easan an dearbh dhuine airson eagal a chridhe a chuir troimh' na Frangais 's nuair a thainig e air, bha e cluich math fhein agus thainig e faisg air penalty fhaighin dhuinn cuideachd.

Ge bith cò chluich air ar son chluich iad fada agus chliuch iad cruaidh! Nach mat dhuinn ge bheil Big Eck (neo Eachan Mòr) air cumail an obair math a thòisich Walter Smith aig Alba agus nach e obair Bertie Vogts! Meall do naidheachd bho a h-uile duine aig Sgleog!

1 comments:

gòrdan said...

Yippeeeee!! Cha b' urrainn dhomh creidsinn gum faca mi ceart e ach rinn iad fìor mhath,gu h-airidh Brown sa mheadhan. Agus tha co-dhiù dithis ann a-nis a tha comasach air tadhal no dhà fhaighinn dhuinn - McFadden is Boyd.

Ukraine a-nis!