06/07/2007

T sa Phàirc


Tha an cuirm-chiùil as motha ann an Alba air ais agus tha e a' toiseachadh a-nochd. Bidh siorrachd Peairt làn dhaoine an-diugh, a-màireach agus Didomhnaich. Abair spòrs a bhios ann, tha sinn an dùil. Leis an t-sìde mar a tha e an-dràsta, tha sinn an dòchas gum bi deagh teanta agus tòrr aodaich aig na daoine a tha a' dol ann. Nan robh sinne a' dol ann bho Sgleog, bhiodh sinn airson The Killers, The Kooks, Arcade Fire agus Kings of Leon fhaicinn gu mòr.

'S e meud na fèise an duileaghadas às motha le T sa Phàirc (agus na fèisean mòra eile). Tha an leithid de chòmhlan-ciùil ann nach b'urrainn dhut a h-uile còmhlan fhaicinn. Bhiodh agam ri taghadh a dhèanamh gus an fheadhainn as fhèarr leam fhaicinn ach fiu 's leis a' ghearran seo, cha bhithinn ag ràdh "no" gu tiocaid an-asgaidh nan robh fear agam!

Bidh sibh a' faighinn barrachd fiosrachaidh mun T sa Phàirc an seo.

No comments: