Glastonbury … Cò tha a' dol ann?
Uill, ’s e am mìos ceart a-rithist airson Glastonbury, Fèis mhòr chiùil a tha a’ tachairt ann am Somerset. Air an 22mh, 23mh agus 24mh latha den t-Ògmhios bidh ceòl agus spòrs gu leòr ann.
’S e aon den na fèisean ciùil às motha san t-saoghal a tha ann, agus tha e a’ tachirt cho faisg oirnn ach cha d’fhuair mi cothrom a-riamh a dhol ann. Sna làithean-sa tha an fhèis a’ tachairt gach darna bliadhna. Am bliadhna, bidh còmhlain-ciùil uabhasach fhèin math a’ cluich bho Arctic Monkeys gu Shirley Bassey!
An robh sibhse ann a-riamh neo am bidh sibh a’ dol ann am bliadhna? Leig fios dhuinn ma tha sgeulachd agaibh.
No comments:
Post a Comment