14/05/2007

Eurovision: Math no Dona?


Bliadhna eile agus Eurovision eile aig an deireadh seachdainn - abair oidhche caiseach (!) a bh' ann a-rithist!
Thàinig Breatainn anns an darna àite mu dheireadh agus thàinig Eirrinn as ar dèidh, anns an àite mu dheireadh. 'S e Scooch a bha a' sèinn airson Breatainn agus 's e Flying the Flag an t-ainm a bh' air an òran. 'S e òran pop a bh' ann agus bha e caran èibhinn agus bha e gu math cheesy!

Chan e iongnadh nach do rinn e-Scooch cho math nam bheachdsa! 'S e fìor joke a th' ann an Eurovision a-nise agus ged a bha barrachd air 10 milltean daoine ga choimhead air an oidhche cha chreid 's mise gun robh mòran dhuibh a' smaoineachadh gur e ceòl math a bh' ann. 'S e Terry Wogan an rud as fheàrr air a' phrògram agus chan robh mi a-riamh a' smaoineachadh gum bhithinn a ràdh sin; nach eil seo caran truagh aig m' aois-se!!!

Bhuannaich tè à Serbia an co-fharpais aig deireadh ghnothaichean ach chanainn nach bi sinn a' cluinntinn an òrain ro thric anns an t-àm ri teachd - chan e "chart breaker" a bhios ann idir! 'S e rud a chuir iongnadh orm gun robh Scooch aig àireamh a chòig anns a' phrìomh dà fhichead an-dè ann am Breatainn. Ged a bha iad aig bonn na duaisean ann an Eurovision bha daoine fhathast a' ceannach an clàr singilte aca a-bhos an seo, cha ghabh a chreidsinn! Cò tha ag èisteachd ris a' cheòl seo agus a' cosg airgead air seo?!

An do cheannaich thusa Scooch? (Duilich nan do cheannaich!) A bheil thu a' smaoineachadh gur e rud uabhasach a th' ann an Eurovision no an e rud math fhèin a th' ann? Cuir beachdan ris a' bhlog seo!

2 comments:

Anonymous said...

cha toil e!!

Anonymous said...

You write very well.