04/01/2008

Bliadhna Mhath Ùr!

Bliadhna Mhath Ùr!

...neo am bu choir dhòmh bhith ag ràdh Bliadhn' Ùr Mhath? Sin a bhìos sinne ag radh ri cheile ann an Uibhist a Deas aig àm a bhliadhn' ùr. Ach chan e sin an aon rud a tha diofraichte mu dhèidhinn a bhliadhn' ùraig ceann a deas na h-Eileanan Sìar gu tà!

Gach Oidhche Chullaig , cho luath sa bhragas an clag mu dheireadh aig Big Ben bithidh na Iasagirean ann a Ludag, Eirisgeiridh agus Barraigh a cuir fàilte air a chèile a losgadh lasan bhoillsg (flares) dearg dhan adhar agus tha seo a deanamh airson sealladh sònraichte breagha aig toiseach a bhliadhn' ùr.

A bharrachd air sin tha seann dhualchas ann cuideachd far am Bìdh na Gillean Chullaig a tighinn timcheal gach taigh anns an sgìre le coinneal sònraichte agus le deàgh dhùrachd airson a bhliadhn' ùr. Cluinnidh tu na gillean a muigh ag èibheadh "A Chullaig 'sa Challuinn Ho Ro!" nuair a tha iad a tighinn faisg air an taigh agad. Nuair a ruigeas iad an taigh bithidh na gillean a tighinn mun chuairt air an doras agus bìdh am fear as sinne ag èibheadh "An Dùan" dhan teaghlach a tha air cruinneachadh taobh a staigh an doras.

An Duan
Thàinig sinne a nochd dhan dùthaich a dhùracadh dhuibh na Calluinn,
Cha riog mi leas a bhith ga innse bha i ann ri linn mo sheanar,

A Deanamh deiseal aig an àrd doras aus a teàrnadh aig na starsaich
Mo Dhuan a ghabhail gu dòigheal mar bu dual sinn aig na Calluinn.

Caisean Calluinn na mo phòca, 's math an ceò a thig as an fhear ud,
Thèid e deiseil air na pàisdean gu seachd àraidh bean an taighe,

Bean an taige 's i as dìoch e, lamh a riorachadh nan Caluinn,
Rud beag de shochair an t-samhraidh a cumail geall air aig an aran.

Fosgail an doras 's liog a staigh sinn.

An uairsin fosglaidh bean an taighe an doras agus leigidh i na gillean a steach dhan chidsin. Lasaidh fear dheth na gillean an coinneal agus bheir e dhan duine an taigh e. Bithidh e ga chuir timcheil a chìnn trì tursan airson deagh bheannachdan tron bhliadhna a tha roimhe agus an uairsin tha e ga toirt dhan ath dhuine as sinne san teaghlach, a bhitheas a deanamh an aon rud agus mar sin air adhart. B'àbhaist do dhaoine a bhith toirt bonnaich agus caise dhan na gillean airson na tàpaich anns an eaglais an ath latha ach a nist bithidh na gillean a dol gu taigh airson partaidh ghoirid mus tèid iad dhachaidh airson "na bells!"

Tha an traidisean seo air a bhith anns na h-Eileanan Sìar airson lìnntean ach a nist chan eil e
ach a tachairt ann an coimhearsnachdan beag aig ceann a deas nan eilean.

Ge bi dè rinn sibh, tha sinn an dòchas gu robh Nollaig agus Bliadhna Ùr Mhath agaibh!

G
ach deagh dhùrachd airson a Bhliadhn' Ur!

Deasaiche Sgleog

No comments: