22/06/2007

Molaidhean airson dol dha na Fèisean


1. Ullachadh: Bidh cinnteach gu bheil aodaich agus brògan ceart agad. Tha bòtannan gu math feumail aig fèis sam bith ann an Alba agus fiù ’s aig Glastonbury. Bidh seacaid cheart cudromach cuideachd. Chan eil thu ag iarraidh a bhith fliuch fad dà latha! Dèan cinnteach gu bheil an teanta agad ceart gu leòr. Chan eil thu ag iarraidh gum bi toll ann nuair a ruigeas tu am fèis.




2. Pocanan: Cuir na rudan cudromach agad ann am pocanan plastaig gu h-àraidh aodaich, camara agus mar sin air adhart. Bidh thu gu math toilichte ma tha e fliuch agus tha aodaich tioram agad.



3. Bidh faiceallach: Fhad ’s a tha thu a’ coisich mun cuairt bidh faiceallach. Bidh teanta suas air feadh an àite agus le sin bidh ròpa ann. Ma tha cothrom ann cuir do theanta air àite àird. Mar sin dheth cha bhi e cho fliuch!


4. Na bi draghail: Am moladh às fhèarr ... na bi draghail mu dheidhinn sian! Ma tha thu toilichte gu leòr fliuch agus salach bi an fhèis sgoinneil.

Gabh Spòrs!


No comments: