23/04/2007

Superskinny Me!

Halò is ciamar a tha sibh an-diugh?
A bheil sibh gu math? An dòchas gu bheil! Am faca duine am prògram a-raoir leis an ainm, “Superskinny Me” air sianal 3? Uill tha fhios agam nach e “Superskinny” a th’ annam fhìn agus gu bheil mi a’ faireachdainn gu bheil feum agam air beagan biadh fallain a bharrachd a dh’ithe ach cha bhithinn airson diet a dhèanamh a-rithist gu brath tuilleadh as dèidh a’ phrògram seo fhaicinn. Bha dithis neach aithris a’ feuchainn a’ dh’ fhaighinn gu “size 00” ann an ùine gu math goirid. Seo an size a th’ air boireannaich mar Victoria Beckham agus Nicole Ritchie agus ged a tha sinne a’ smaoineachadh gu bheil e fada ro bheag tha na “rionnagan” seo a’ smaoineachadh gu bheil seo ceart dhaibh - Carson? Tha mise a’ smaoineachadh gur e size 00 a bh’ annam nuair a bha mi 10 bliadhna dh’ aois! Carson a bhithinn ag iarraidh a bhith cho caol sa bha mi an uairsin nuair a tha mi 28??? Chan eil e nàdarra!
Bha aon den neach-aithris a ràdh aig deireadh a’ phrògram; “Trying to lose weight and obsessing about fab just makes you go mad!” Feumaidh mi aideachadh gun robh i a’ coimhead car sgìth agus dh’ fhàs i gu math anaemic cuideachd. Tha e cho cunnartach agus bha am prògram seo gu dearbh a’ sealltainn seo dhuibh!

De ur beachd air a’ phrògram? Innse dhuinn!

Tha mise a’ falbh airson doughnut a-nise!

D :)

3 comments:

Anonymous said...

Tolle Artikel die auf jedenfall auch anderen gefallen duerfte. Aber auch meine Portalseite dürfte gefallen auch wenn sie sich um [url=http://www.sexcamamateure.net/fetischsex.php][/b]Erotik[/b][/url] dreht, aber voellig private Frauen zeigt.

Anonymous said...

top [url=http://www.001casino.com/]001[/url] coincide the latest [url=http://www.casinolasvegass.com/]online casinos[/url] unshackled no deposit bonus at the chief [url=http://www.baywatchcasino.com/]casino games
[/url].

Anonymous said...

top [url=http://www.c-online-casino.co.uk/]uk casinos[/url] brake the latest [url=http://www.casinolasvegass.com/]casino[/url] manumitted no consign perk at the foremost [url=http://www.baywatchcasino.com/]www.baywatchcasino.com
[/url].