20/02/2007

Oops...rinn mi a-rithist e!

Chan urrainn dhomh a thuigsinn carson an do rinn Britney Spears na rinn i aig an deireadh seachdainn. Am faca tusa na pàipearan aig an deireadh seachdainn? Tha e coltach gu bheil i air a dhol mal!
Chaidh i a-steach gu taigh fuilt agus thug i a falt dhith fhèin le clippers!!! A' bharrachd air an sin, tha bhideo agus tòrr dealbhan ann a' sealltainn dhith a dhèanamh. Tha an taigh fuilt a' dèanamh "doo" sònraichte a-nise leis an ainm "The Britney Buzz" agus tha e coltach gu bheil daoine na leantainn.
Tha mise a' smaoineachadh gu bheil i car coltach ri Yoda a-nise ge-tà agus tha an coltas G.I. Jane cho air ais anns na 90an!

D :)

2 comments:

Anonymous said...

Nach brònach gu bheil i ann an staid mar sin? Britney bhochd ... tha daoine air a bhith a' cur cus cuideam oirre fad deichead nuair nach robh i ach òg. Feumaidh i a bhith faiceallach air eagal 's gum bi na h-ùghdarrasan airson a clann a thoirt air falbh bhuaipe!

Rachel said...

Tha mise a' faireachainn ciontach air a son - Britney bhochd. Air sgàth 's gu bheil i ainmeil tha daoine ag iarraidh pios dhith. Tha mi coma ma tha i a' dol às na rails!! Chan eil e a' dèanamh diofar dhomh idir ach tha na paipearan a' smaoineachadh gum bo chòir ùidh a bhith againn.