01/02/2007

A' Chiad Bhlog!


Halò! 'S e seo a' chiad bhlog aig Sgleog! Nach eil seo mìorbhailteach? Bloggadh, tha mi ciallachadh! Àite beag far am b' urrainn dhuinn smaointean sam bith fhoillseachadh!
Dè tha dol an-diugh co-dhiù? Uill, a-rèir nan naidheachdan tha fear, Martin Srel, gu bhith a' snamh an Amazon ann an 70 làithean! 'S ann à Slobhenia is a tha e agus tha e air an Yangtze, an Danube agus am Mississippi a snamh roimhe. Bidh e a' tòiseachadh ann am Peru agus a' snamh a Bhrasil. Abair snamh dhà rìreabh - is beag an t-iongnadh gur e "Fish Man" am far-ainm aige!
Chan eil mòran eile a' dol an seo...tha sinne anns an oifis dìreach a' smaoineachadh air na làithean grianach is blàth a tha ri thighinn as t-samhradh (tha sinne an dòchas, co-dhiù!) Tha gaoth is uisge gu leòr air a bhith againn a-nise!
Carson nach innse dhuinn na rudan a tha sibhse a' bruidhinn mu dheidhinn an-diugh?
Tiors an-dràsta,
D

No comments: