Balach Seoras!
Tha manaidsear ùr aig sgioba ball-coise na h-Alba!
Shoighnig George Burley airson dà bhliadhna gu leth a stiùireadh an sgioba nàiseanta againn! Woo!! Tha sinn an dòchas gun deàn e cho math sa rinn e nuair a bha e shuas a seo a stiùireadh Hearts ach nach tig Romanov faisg air Hampden! Cha leigeadh Seoras a steach tron doras co dhiù!
Na chuicheadair cluich Burley airson Ipswich, Sunderland, Gillingham, Motherwell, Ayr agus Falkirk agus ann an 1982 chaidh e dhan World Cup leis an sgioba nàiseanta. Anns an sgioba sin gu ta bha cluicheadairean mar Alan Hansen, Graeme souness agus Gordon Strachan... chan robh fiùs aite anns a chiad sgioba airson cluicheadairean mar Kenny Dalglish aig an àm a bha sin ach bha e ag ionnsachadh fad na h-uine bho na cluicheadairean as fhearr anns an dùthaich agus bho Jock Stein cuideachd a bhuannaich an Cùpa Eòrpach le Celtic ann an 1967 le cluicheadairean a bha uileag a fuireach taobha staigh air cearcal do dhà mìle mun chuairt air Parkhead.
Dh'ionnsaich e a gheama bho na daoine as ainmeille ann am Ball-coise Breatannach agus nuair a bha e fhathast a cluich ann an 1991 thug e air an seann obair aig Ally MacLeod a stiùireadh gnothaichean aig Ayr United. As deidh sin stiùir e Colchester United, Ipswich Town, Derby County, Heart of Midlothian Southampton agus a nis, air 24mh Am Faoilleach 2008 tha e air toiseachadh a stiùireadh an sgioba nàiseanta Albannach.
As dèidh cho math sa rinn Alex McLeish agus Walter Smith tha an uallach air a bhith buannachadh tòrr gheamanan mòra ach ge bith dè thachras tha an dùthaich air do chùlaibh a Sheorais!!
ALBA GU BRATH!!